Background

Ceanglaichean ris a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais

Chaidh Iomairt Sàbhailteachd Rathaid Siogaidh a leasachadh ann an co-bhonn ris a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais. Tha an roinn seo a’ toirt seachad eòlasan is toraidhean Ìre Thràth a tha rim moladh.

Siogaidh agus an Loilidh


  • Tha mi ag ionnsachadh mar a mheasas mi agus a dhèiligeas mi ri cunnart airson mi fhèin agus daoine eile a dhìon, agus cron sam bith a lùghdachadh mas urrainn dhomh.
    HWB 0-6a
  • ’S urrainn dhomh sanasan a chleachdadh airson fiosrachadh fhaighinn, gus mo chuideachadh a’ planadh is a’ dèanamh roghainnean a h-uile latha.
    MNU 0-20c
  • Aithnichidh mi mo mhothachaidhean agus cleachdaidh mi iad airson faighinn a-mach mun t-saoghal mun cuairt orm.
    SCN 0-12a
  • Ann an gnìomhan agus cluiche làitheil, tha mi a’ rannsachadh agus a’ dèanamh roghainnean a leasaicheas an t-ionnsachadh agus na h-ùidhean agam. Tha mi air mo bhrosnachadh gus na h-eòlasan agam a chleachdadh agus a roinn.
    HWB 0-19a
  • Le bhith a’ rannsachadh mo choimhearsnachd, tha mi air ionnsachadh mu na diofar dhreuchdan a tha aig daoine agus mar as urrainn dhaibh cuideachadh.
    SOC 0-16a
  • Tha mi ag èisteachd no a’ coimhead airson fiosrachadh feumail no inntinneach agus cleachdaidh mi seo gus roghainnean a dhèanamh agus rudan ùra ionnsachadh.
    LIT 0-04a

An Dùrachd Shamhna aig Siogaidh


  • Tha mi ag ionnsachadh mar a mheasas mi agus a bhios mi a’ dèiligeadh ri cunnart, airson mi fhèin agus daoine eile a dhìon, agus cron sam bith a lùghdachadh mas urrainn dhomh.
    HWB 0-16a
  • Tha mi a’ tuigsinn mar a tha na cleachdaidhean is na tachartasan làitheil agam fhèin a’ ceangal ri uairean agus ràithean…
    MNU 0-10a
  • Bidh mi a’ cleachdadh dràma gus suidheachaidhean fìor agus macmeanmnach a sgrùdadh, airson mo chuideachadh a’ tuigsinn mo shaoghail fhèin.
    EXA 0-14a
  • Ann an gnìomhan agus cluich làitheil, tha mi a’ rannsachadh agus a’ leasachadh an ionnsachaidh agus nan ùidhean agam. Tha mi air mo bhrosnachadh gus na h-eòlasan a chleachdadh agus a roinn.
    HWB 0-19a
  • Tha fios agam, agus ’s urrainn dhomh sealltainn, ciamar a shiùbhlas mi gu sàbhailte.
    HWB 0-18a
  • Tha mi ag èisteachd no a’ coimhead airson fiosrachadh feumail no inntinneach agus cleachdaidh mi seo gus roghainnean a dhèanamh agus rudan ùra ionnsachadh.
    LIT 0-04a

Siogaidh A’ Tadhal air Granaidh


  • Tha fios agam agus ’s urrainn dhomh sealltainn mar a shiùbhlas mi gu sàbhailte.
    HWB 0-18a
  • Tha mi air dòighean inntinneach fheuchainn leithid cleachdadh mhodailean agus dealbhadh, airson an saoghal mun cuairt orm, na turasan air a bheil mi a’ dol agus na diofar dhòighean anns an urrainn dhomh siubhal a riochdachadh.
    SOC 0-9a
  • Gus sgeulachdan is teacsaichean eile a thuigsinn, bidh mi a’ cur cheistean agus a’ ceangal na tha fios agam ris na tha mi ag ionnsachadh.
    LIT 0-7a / LIT 0-16a / ENG 0-17a
  • Tha mi ag ionnsachadh mar a mheasas mi agus a dhèiligeas mi ri cunnart airson mi fhèin agus daoine eile a dhìon, agus cron sam bith a lùghdachadh mas urrainn dhomh.
    HWB 0-16a
  • Tha mi a’ cur luach anns na cothroman a gheibh mi, agus gan cleachdadh, gus an t-ionnsachadh agam a leasachadh agus a làimhseachadh, agus tha mi a’ brosnachadh ionnsachadh is misneachd ann an daoine eile.
    HWB 0-11a
  • Ann an gluasad, geamannan agus le teicneòlas ’s urrainn dhomh iùl sìmplidh a thoirt seachad no suidheachadh rud a mhìneachadh.
    MTH 0-17a

Siogaidh a’ Dol Sab-a-Diong-a-Uììì


  • Tha fios agam agus ’s urrainn dhomh sealltainn mar a shiùbhlas mi gu sàbhailte.
    HWB 0-18a
  • Tha mi a’ faighinn a-mach mu dheidhinn na tha cudromach san sgìre agam fhèin gus am fàs mi tuigseach mun t-saoghal mun cuairt orm.
    SOC 0-07a
  • Cleachdaidh mi soidhnichean, leabhraichean, no teacsaichean eile airson fios feumail no inntinneach fhaighinn a bhios mi a’ cleachdadh ann am planadh, dèanamh roghainnean no airson rudan ùra ionnsachadh.
    LIT 0-4a
  • Tha mi ag ionnsachadh mar a mheasas mi agus a dhèiligeas mi ri cunnart airson mi fhèin agus daoine eile a dhìon, agus cron sam bith a lùghdachadh mas urrainn dhomh.
    HWB 0-16a
  • ’S urrainn dhomh raon de dh’fhiosrachadh lèirsinneach a chruthachadh tro mhothachadh is clàradh nan eòlasan agam thar a’ churraicealaim.
    EXA 0-5a
  • Tha mi air pàtranan a lorg ’s a rannsachadh san àrainneachd agam fhèin agus nas fhaide a-muigh agus ’s urrainn dhomh an clàradh agus an leudachadh agus na pàtranan agam fhèin a dhèanamh.
    MTH 0-13a

Saor-làithean Grianach Shiogaidh


  • Tha fios agam agus ’s urrainn dhomh sealltainn mar a shiùbhlas mi gu sàbhailte.
    HWB 0-18a
  • Tha mi ag ionnsachadh mar a mheasas mi agus a dhèiligeas mi ri cunnart airson mi fhèin agus daoine eile a dhìon, agus cron sam bith a lùghdachadh mas urrainn dhomh.
    HWB 0-16a
  • Tha mi air dòighean inntinneach fheuchainn leithid cleachdadh mhodailean agus dealbhadh, airson an saoghal mun cuairt orm, na turasan air a bheil mi a’ dol agus na diofar dhòighean anns an urrainn dhomh siubhal a riochdachadh.
    SOC 0-09a
  • Tha mi a’ leasachadh tuigse mu mheud agus uiread le bhith a’ coimhead, a’ rannsachadh, a’ cleachdadh agus a’ bruidhinn ri daoine eile mu na rudan a tha mi a’ faicinn anns an t-saoghal mun cuairt orm.
    MNU 0-01a
  • ’S urrainn dhomh raon de dh’fhiosrachadh lèirsinneach a chruthachadh tro mhothachadh is clàradh nan eòlasan agam thar a’ churraicealaim.
    EXA 0-04a
  • Tha e a’ còrdadh rium a bhith a’ togail dhealbhan no a’ clàradh fhuaimean agus dhealbhan airson mìneachadh a dhèanamh air an eòlas agam agus air an t-saoghal mun cuairt orm.
    TCH 0-04b

Siogaidh agus Magaidh a’ Tòiseachadh san Sgoil


  • Tha fios agam agus ’s urrainn dhomh sealltainn mar a shiùbhlas mi gu shàbhailte.
    HWB 0-18a
  • Tha mi ag ionnsachadh mar a mheasas mi agus a dhèiligeas mi ri cunnart airson mi fhèin agus daoine eile a dhìon, agus cron sam bith a lùghdachadh mas urrainn dhomh.
    HWB 0-16a
  • ’S urrainn dhomh innse mu chuid de na h-obraichean a th’ aig daoine agus tha mi ag ionnsachadh mu saoghal na h-obrach.
    HWB 0-20a
  • Nuair a dh’èisteas agus a bhruidhneas mi ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte tha mi ag ionnsachadh a bhith a’ gabhail uair mu seach agus cuin a bu chòir dhomh bruidhinn is cuin a bu chòir dhomh èisteachd.
    LIT 0-2a /ENG 0-03a
  • Tha fios agam, agus ’s urrainn dhomh sealltainn, mar a chumas mi fhèin agus daoine eile sàbhailte agus dè nì mi aig àm èiginn.
    HWB 0-16a
  • Ann an gluasad, geamannan agus le teicneòlas ’s urrainn dhomh ?iùl sìmplidh a thoirt seachad is suidheachadh rud innse.
    MTH 0-17a