Background

Mu Siogaidh

Mu Siogaidh

Ionnsachadh Sàbhailteachd Rathaid


An robh fios agad, mus bi leanabh timcheall air 8 bliadhna a dh’ aois, nach eil iad idir comasach air a bhith gu h-iomlan nan luchd-cleachdaidh rathaidean neo-eisimeileach? Tha rannsachadh a’ dearbhadh ged a tha fios aig mòran de chlann òga agus gun urrainn dhaibh a ràdh gum bu chòir dhaibh STAD, COIMHEAD agus ÈIST nuair a bhios iad a’ dol tarsainn rathad, dh’ fhaodadh gum bi an rud as aithne dhaibh gu math eadar-dhealaichte bhon rud a nì iad.

An àite a bhith a’ cur cuideam a-mhàin air a bhith a’ faighinn eòlas is tuigse, feumaidh foghlam sàbhailteachd rathaid airson clann òga a bhith ag amas air seallaidhean is giùlan adhartach. Ma bheir na h-inbhich a tha timcheall air clann òga deagh eisimpleir seachad, gheibh a’ chlann an toiseach-tòiseachaidh as fheàrr a tha comasach nan ionnsachadh fad-beatha mu shàbhailteachd rathaid.

Chan e a-mhàin gu bheil tràth bhliadhnaichean beatha leanabh mar an fheadhainn as cudromaiche a thaobh leasachadh corporra is inntinn, tha iad cuideachd a’ toirt seachad an cothrom as fheàrr gus cumadh a thoirt air cothroman beatha an leanaibh. Ma nì sinn strì gus an toiseach beatha as fheàrr sna tràth bhliadhnaichean a thoirt don chloinn againn a thaobh foghlam sàbhailteachd rathaid, bidh sinn gan cuideachadh gus a bhith nan luchd-cleachdaidh rathaidean sàbhailte is cùramach fad am beatha.

Bu chòir gum biodh ionnsachadh sàbhailteachd rathaid aig Ìre Thràth mar chom-pàirteachas eadar leanabh is inbheach. Is urrainn do dh’ inbhich an toiseach beatha as fhèarr a tha comasach a thoirt do chloinn le bhith a’ nochdadh deagh eisimpleirean gach uair a bhios iad a’ dol tarsainn air rathad, a’ coiseachd faisg air rathad no a’ siubhal ann an carbaid le leanamh òg.

Am modh-gabhail


Às deidh rannsachadh agus co-obrachadh ioma-bhuidhneil chaidh Iomairt Sàbhalteachd Rathaid Siogaidh Bi Sàbhailte! a chuir air bhog ann an Alba san Dàmhair 2010. Is e modh-gabhail ùr-ghnàthaichte a tha seo airson sàbhailteachd rathaid tràth-bhliadhnaichean ann an Alba, agus tha an iomairt seo a’ targaideachadh trì prìomh bhuidhnean aoise: 0-3; ro-sgoile agus an imeachd gu bun-sgoil 1, a’ gabhail ri poileasaidh Riaghaltas na h-Alba a thaobh eadar-theachd thràth agus a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais.

Le tèama mun cuairt nan ràithean, chaidh am modh-gabhail a leasachadh airson a chleachdadh air feadh na bliadhna gach cuid san dachaigh agus mar phàirt den churraicealaim Tràth Ìre air feadh nan tràth bhliadhnaichean agus chlasaichean bun-sgoil 1.

Is e an amas a bhith a’ cur chloinn òga an sàs agus gam brosnachadh agus na h-inbhich mun cuairt orra a dhol air an t-slighe ionnsachaidh sàbhailteachd rathaid aca fhèin, tro fhìor eòlasan, an cois cluiche, còmhradh is leughadh.

Airson 0-3n, chaidh sgeulachd shoilleir, ruitheamach is fhuaimneach a chruthachadh ann an cruth leabhar bugaidh cromagach ‘Anns a’ bhlàr a-muigh’ (Out and About), le fòcas air seallaidhean is fuaimean taobh-rathaid air am faigh pàisdean is cnapaich eòlas nuair a tha iad air a’ bhlàr a-muigh.

Airson na stuthan ro-sgoile agus trasdach, chaidh sia sgeulachdan a leasachadh a tha stèidhichte air caractaran a chaidh a chruthachadh a dh’ aon ghnothach. Chaidh am modh-gabhail a chruthachadh gu faiceallach gus suim a ghabhail de aois an leanaibh, le stuthan eadar-dhealaichte air an cuimseachadh airson gach prìomh ìre de na tràth-bhliadhnaichean.

Mar a chleachdar am modh-gabhail seo

  • Tha e cudromach a thaobh a’ mhodh-gabhail seo gu bheil na stuthan gu h-iomlan rim faighinn gu cunbhalach airson clann, pàrantan, luchd-cùraim agus luchd-teagaisg ann an Alba.
  • Thathas a’ cuairteachadh an leabhar bugaidh 0-3 ‘Air a’ bhlàr a-muigh’ (Out and About) chun h-uile pàisde aig àm tadhail 6-16 seachdain mar phàirt den Bhaga Pàisde Bookbug aig Urras Leabhraichean na h-Alba.
  • Chaidh an Seata Leabhair Mòr – pasgan teagaisg anns a bheil sreath de shia sgeulachdan Siogaidh ann an cruth leabhar mòr, a chuairteachadh chun h-uile àite is clas bun-sgoil 1. (Gheibhear tuilleadh leth-bhreacan ma thathas gan iarraidh.)
  • Gheibhear Seata Leabhar Mòr airson àite coimhearsnachd sam bith a bhios pàrantan/luchd-cùraim a’ frithealadh còmhla ri an cuid cloinne òga.
  • Gheibh an roinn ro-sgoile agus clasaichean bun-sgoil 1 leth-bhreacan de na leabhraichean beaga airson an toirt gu dìreach don chloinn airson an toirt dhachaigh.
  • Bidh na leabhraichean beaga airson na dachaigh co-phàirteach ris an obair a bhithear a’ dèanamh sa chlas agus a’ daingneachadh cheanglaichean làidir eadar an dachaigh agus an sgoil.
  • Leigidh an làrach-lìn le luchd-tadhail a bhith eadar-ghnìomhach leis na sgeulachdan agus a’ ghnìomhachd, agus cuideachd a’ toirt seachad fiosrachaidh gnàthaichte do phàrantan is luchd-teagaisg.

A’ roinneadh nan sgeulachdan


Le bhith a’ toirt clann air turas ionnsachaidh còmhla ri Siogaidh, thathas a’ toirt beothalachd do fhìor shuidheachaidhean sàbhailteachd rathaid ann an dòigh air am bi cuimhne aca. Chaidh na sgeulachdan, na pìosan goirid agus a’ ghnìomhachd a chruthachadh gu sònraichte gus ùidh an leanaibh a bhrosnachadh ann an ionnsachadh sàbhailteachd rathaid. Le bhith a’ roinneadh sgeulachdan tha sin a’ toirt tuigse do chlann òga mun t-saoghal a tha mun cuairt orra ann an dòigh a tha tlachdmhor is nàdurrach. A h-uile uair a thadhlas leanabh air an sgeulachd gheibh iad barrachd eòlais is tuigse.

Thig an fhìor ionnsachadh bho na h-eòlasan a bhios aig a’ chlann. Cleachd an sgeulachd gus an turas ionnsachaidh a thòiseachadh agus dèan sgrùdadh air na prìomh thèamaichean tro eòlasan is cluiche gnìomhach.

Bu chòir gum biodh na h-eòlasan ionnsachaidh air an cumadh a rèir ùidh na cloinne agus mar sin dh’ fhaodadh iad a bhith eadar-dhealaichte bho aon shuidheachadh gu suidheachadh eile. Air sgàth seo tha sinn a’ toirt seachad dìreach beagan bheachdan mu ghnìomhachd thar-churraicealaim le ceanglaichean ri eòlasan agus toraidhean a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais. Faic eisimpleirean de mar a chaidh àiteachan eile Tràth-bhliadhnaichean air an cuid tursan ionnsachaidh gus sgrùdadh a dhèanamh air bun-bheachdan eadar-dhealaichte de shàbhailteachd rathaid.

An t-Ùghdar


Tha Lynda NicUalraig, sgrìobhadair Iomairt Sàbhailteachd Rathaid Bi Sàbhailte! aig Siogaidh, a’ sgrìobhadh mun t-eòlas aice air a bhith ag obair air a’ phròiseact.

Bha an t-ullachadh bho RSS cho mòr na dhùbhlan spreòdach. Gu dearbh, chan ann a h-uile latha a thèid iarraidh ort a dhol an sàs ann an obair a tha gu bhith ag amas air beathan a shàbhaladh. Mar mhàthair le leanabh còig bliadhna, bha an dleastanas na bu tiamhaidh buileach. Is e smuain uamhasach a th’ ann gu bheil clann mar am balach beag agamsa gam marbhadh air na rathaidean againn a h-uile latha. Mar a lean mi a’ leughadh na bhathas ag iarraidh cha b’ urrainn dhomh ach smaoineachadh gum b’ fhiach seo a dhèanamh eadhon ged nach deidheadh ach beatha aon leanabh a shàbhaladh. Tha mi’n dòchas ge tà gu sàbhail sinn tòrr mòr a bharrachd na sin.

Thàinig a’ bheachd mu charactar Siogaidh thugam le bhith ag obair air ais bhon ullachadh. Is e obair sanasachd air a bheil mi eòlach agus gu ìre mhòr bha seo nas coltaiche ri obair sanasachd na obair sgrìobhaidh: Bha mòran fhìrinnean ri chuir thairis ann an dòigh tharraingeach agus, dìreach mar sanasachd, b’ e an t-amas modh giùlan atharrachadh.

Mar sin, b’ e seo an dùbhlan: Ciamar a dh’ innseas tu do chlann dè bu chòir dhaibh a dhèanamh (chan eil teagamh sam bith gur e sin a tha sinn a’ dèanamh) nuair a tha sinn cinnteach nach eil iad idir idir toilichte gun tèid innse dhaibh dè bu chòir dhaibh a dhèanamh. Uair sam bith.

Mar sin b’ e aon dhòigh timcheall air an seo caractar a leasachadh don toireadh sinn an cothrom a bhith na ghlaoic. Agus sin gu dearbh mar a rugadh Siogaidh. Le bhith a’ suidheachadh am prìomh charactar mar choigreach ‘leanabh’ a’ tadhal air an talamh gus ionnsachadh mu shàbhailteachd rathaid thug sin dhuinn an cothrom a bhith a’ teagasg gun a bhith mì-uaibhreach. Leig e dhuinn a dhol air ais gu ìre bunaiteach, gus na teachdaireachdan tùsail mar a bhith a’ feitheamh agus a’ cumail grèim air làmhan innse às aonais mothachadh sam bith air inbhe far am bi daoine mòra ag innse agus dùil gum bith daoine beaga a’ leantainn na stiùiridhean. Bha e a’ coimhead coltach gum biodh conaltradh nas cumhachdaiche nam b’ urrainn dhuinn cuideachd an luchd-leughaidh òga a bhrosnachadh gus Siogaidh a chuideachadh le bhith ag ionnsachadh. Mar sin,nuair a bhios Siogaidh a’ smaoineachadh air dè a nì e mus tèid e tarsainn an rathad, faodaidh a’ chlann sanas a chuir ann an cluais Siogaidh leis an ‘fhreagairt’.

Le bhith a’ cur Siogaidh ann an teaghlach le dithis chloinne Magaidh, 3 agus Anndra, 5 is beagan (mar a tha iad sa chiad leabhar) chruthaich sin suidheachadh inntinneach far am faodadh caractar Anndra a bhith a’ toirt seachad stiùireadh (co-dhiù is e balach mòr a th’ ann agus e eòlach air grèim a chumail air làmhan agus feitheamh) agus Magaidh a tha fhathast ag ionnsachadh, ach a tha air leth dèidheil air an t-eòlas ùr aice a nochdadh.

Leig Siogaidh leinn cuideachd beagan fealla-dhà a chuir a-steach do na sgeulachdan. Gu dearbh, le bhith a’ tighinn bho shaoghal eile tha mòran rudan air a’ phlanaid againn a tha ga chuir troimh chèile: Leithid carson a bhiodh duine ag iarraidh granaidh a thilgeil far a’ bhus no carson nach eil gin de na siùcairean air a’ phlanaid rim faighinn ann am blasan math leithid càl.

Dìreach mar a tha caractaran beòthail eile tha a’ chuid fhèin de charan aige, agus is e aon dhiubh sin gum bi e a’ cleachdadh an abairt aige Zab-a-Ding-a-Doo nuair a bhios e toilichte. Agus, mar a bhiodh dùil, tha e an-còmhnaidh uamhasach toilichte nuair a thèid e tarsainn an rathad san dòigh cheart. Nach biodh e math nan toireadh an luchd-leughaidh òga againn duais mòr Zab-a-Ding-a-Doo dhaibh fhèin gach uair a thèid iad tarsainn san dòigh cheart?

Mar a bhios na leabhraichean a’ leantainn ar luchd-èisteachd òga bhon sgoil-àraich gu BS1 (deagh bheachd mhath bho RSS gus leantainneachd a thoirt don teachdaireachd bho ro-sgoile gu bun-sgoile) bidh na caractaran a’ fàs ann am ‘fìorachas’. Bidh gach cuid Magaidh agus Siogaidh a’ fàs air ar beulaibh – bidh Magaidh a’ tòiseachadh san sgoil-àraich ann an leabhar 1 agus san sgoil ann an leabhar 6 – agus mus tig an t-sreath leabhraichean gu crìch bidh i fhèin agus Siogaidh an-còmhnaidh a’ dol tarsainn gu sàbhailte.

Tha Lynn Nic an Tàilleir, Màiri Blàr, Ceit Wheaton bhon RSS agus an deagh sgioba bho Bhuidheann Lìt agus mi fhìn air a bhith ag obair gu fìor dhlùth bhon toiseach. Gu dearbh, às deidh a’ chiad choinneamh againn bha mi a’ faireachdainn gu robh mi air a bhith eòlach air sgioba an RSS o chionn bhliadhnaichean. Chan ann tric a bhios tu nad shuidhe aig coinneamh far a bheil a h-uile duine air an aon ràmh mun chuspair. Chuir sgioba an RSS uiread ris a’ phròiseact seo, fada a bharrachd air eadhon an teachdaireachd sàbhailteachd rathaid. Chuir iad cuideam air cho feumail sa bhiodh e gum biodh na leabhraichean tarraingeach dha clann agus dha pàrantan ge bith càite am biodh iad a’ fuireach agus gum biodh fìor mhothachadh aca air dearbh-aithne na h-Alba. Thug seo saorsa dhomh còmhradh a sgrìobhadh airson Magaidh is Anndra a bhiodh coltach ris an dòigh sam biodh clann den aois sin a’ bruidhinn agus ghluais seo cuideachd gu bhith a’ cruthachadh Granaidh Walker, a bhios a’ fuireach air an dùthaich, rud a leig leinn bruidhinn mu shàbhailteachd rathaid ann an suidheachadh dùthchail cuideachd.

Se fìor chothrom a bha ann a bhith ag obair air a’ phròiseact seo. Tha mi a-nis fada nas mothachail air mar a bhios pàrantan a’ dol tarsainn an rathad len cuid cloinne agus tha e a’ cur clisgeadh orm a bhith a’ faicinn an àireamh de mhàthraichean a bhios a’ leigeil leis an fheadhainn bheaga aca – gu do-chreidsnneach BS1 agus eadhon nas òige – a bhith a’ ruith air thoiseach orra nuair a bhios iad a’ dol tarsainn air rathaidean trang. Cha mhòr gun urrainn dhomh a chreidsinn. Tha e cuideachd a’ cur iongnadh orm a bhith a’ faicinn cho tric is nach coisich mòran dhiubh beagan shlatan (no an è meatairean a th’ ann? Tha mi a’ sealltainn m’ aois a-nis!) gus a dhol tarsainn còmhla ri tè an loilipop. Ciamar a thathas an dùil a dh’ ionnsaicheas clann?

Tha pàrantan an-còmhnaidh air a bhith nan luchd-èisteachd air am bith sinn a’ bualadh, agus mar sin bhithear an dòchas gum faigh an teachdaireachd a tha sna leabhraichean troimhe chun t-seann ghinealach cuideachd. Tha fios agam bho bhith a’ bruidhinn ri Elaine, tè an loilipop aig sgoil mo mhic, gu bheil i gu mòr airson gun cleachd barrachd phàrantan i nuair a bhios iad a’ toirt an cuid cloinne don sgoil agus bhon sgoil gus am fàs iad cleachte ri cleachdaidhean dol tarsainn gu sàbhailte aig aois thràth. Tha mi’n dòchas gum piobraich a’ chiad leabhar Siogaidh agus an Loilipop iad gu bhith a’ dèanamh dìreach sin!