Background

An t-aodach a bhith ort gus a bhith soilleir agus air d’ fhaicinn

An t-aodach a bhith ort gus a bhith soilleir agus air d’ fhaicinn

Le bhith a’ cur ort an t-aodach ceart nuair a bhios tu a-muigh air na rathaidean nì sin eadar-dhealachadh mòr don t-sàbhailteachd agad. Cuimhnich an-còmhnaidh Bi Soilleir, Bi air d’ fhaicinn.

Ma chi draibhearan clann, faodaidh iad a bhith air-leth cùramach nuair a tha iad a’ dol seachad. Mar sin, ma nì thu cinnteach gum bi clann air am faicinn gu furasta nuair a tha iad sa bhlàr a-muigh tha sin na fhìor phàirt chudromach ann a bhith gan cumail sàbhailte. Dh’ ionnsaich Siogaidh a h-uile càil mun seo air Oidhche Shamhna.

Nuair a tha an aimsir doilleir, feumaidh aodach a bhith soilleir, sruth-shoillseach no geal.

Chan fhaicear dathan soilleir anns an dorchadas, agus mar sin air an oidhche is e stuthan faileasach an roghainn as sàbhailte.

Ionnsaichidh clann mun aodach ceart a bu chòir a bhith orra mar phàirt de na leasanan sàbhailteachd rathaid a bhios aca san sgoil-àraich no sa bhun-sgoil, ach is urrainn dhut beothalachd a thoirt don eòlas seo. Carson nach fheuch thu ri geamannan a chluich le clann gus an teagasg a thaobh an cuid aodaich a tha soilleir, faileasach no dorch?

Cuimhnich, bheir an rud a nì thu buaidh air a’ bheachd a bhios aig clann air dè a tha ceart gu leòr, mar sin thoir seachad deagh eisimpleir agus cuir ort aodach ceart thu fhèin cuideachd.