Background

A bhith sàbhailte anns a’ chàr

A bhith sàbhailte anns a’ chàr

Tursan sa chàr le clann


Ma tha draibheadh càr le clann ann gu bhith às aonais spàirn, feumar sin a dhealbhadh gu faiceallach. Ach tha nas lugha de spàirn a’ ciallachadh nas lugha de shàrachadh, agus mar sin is fhiach a bhith a’ coimhead air adhart gus an cum thu slocan-tuislidh cumanta air falbh:

  • Dèan ullachadh airson geamannan agus gnìomhachd gus aire na cloinne a chumail suas fad na slighe
  • Dèan co-dhùnadh ro-làimh càite a bheil thu a’ dol a stad airson anail a ghabhail no airson a dhol chun taigh-bheag
  • Dèan cinnteach gum bi a’ chlann a’ tuigsinn cho luath ‘s a bhios tu anns a’ chàr, gu feum do làn aire a bhith air an draibheadh.

Bidh an treas cuid de phàrantan a’ caitheamh eadar 10 is 49 uair gach mìos anns a’ chàr len cuid cloinne (AA / Populus, 2012). Tha seo a’ ciallachadh gum bidh a’ chlann gu sgiobalta a’ tòiseachadh ag aithneachadh an dòigh sam bi thu gad ghiùlan fhèin sa chàr.

Is e draibhearan an latha a-màireach a th’ ann an clann an latha ‘n diugh


Chan ann dìreach mu dheidhinn a bhith a’ cumail clann sàbhailte an-dràsta a tha sàbhailteachd rathaid. Bidh e dualtach gun toir an dòigh anns am faic iad thu gad ghiùlan fhèin sa chàr cumadh air an seòrsa draibhear a bhios annta nuair a dh’ fhàsas iad suas. Mar as sàbhailte a bhios tu a’ draibheadh nuair a tha iad òg, is ann as sàbhailte as dualtaich a bhios iadsan nuair a gheibh iad tron deuchainn aca.

Carson nach fheuch thu air a’ cheisteachan Na Bi ann an Cunnart: Clann anns a’ Chàr gus faighinn a-mach a bheil thu a’ toirt seachad deagh eisimpleir?

Is dòcha nach eil thu a’ smaoineachadh gu bheil clann a’ gabhail aire ma thèid thu gu luath tro sholas buidhe, ma thèid thu nas luaithe na bu chòir dhut seach gu bheil thu beagan air dheireadh no ma bheir thu sùil air am fòn-làimhe agad fhad’s a tha thu a’ draibheadh. Ach tha sgrùdaidhean air dearbhadh gu bheil iad mothachail. Agus aon uair ‘s gu bheil iad a’ smaoineachadh gu bheil briseadh nan riaghailtean àbhaisteach, tha e duilich a’ bheachd seo atharrachadh (Na Poileis).

Ionnsaigheachd


Chan e a-mhàin gu bheil fearg a’ cur clann troimh-chèile, agus a’ toirt tuilleadh aire air falbh, tha e cuideachd gan teagasg gu bheil e ceart gu leòr a bhith feargach agus ionnsaigheach air cùl cuibhle.

Agus aon latha, is dòcha gum bidh seo na chron dhaibh.

Mar sin, thoir seachad deagh eisimpleir an-dràsta agus cum do chlann sàbhailte airson bliadhnaichean ri teachd.

  • Bi a’ draibheadh taobh a-staigh an astar a tha ceadaichte – a’ deànamh cinnteach gu bheil an astar agad iomchaidh airson suidheachadh an rathaid
  • Dèan cinnteach gum bi do chrios-sàbhalaidh ort
  • Cum d’ aire air an rathad an-còmhnaidh
  • Dèan cinnteach gum bi tursan sa chàr socair
  • Cur na fònaichean-làimhe air falbh nuair a tha thu a’ gluasad
  • Na gabh deoch agus a dhol a dhraibheadh