Background

Mar a bhithear a’ dol tarsainn an rathad gu sàbhailte

Mar a bhithear a’ dol tarsainn an rathad gu sàbhailte

Tha fios againn uile gu bheil e cunnartach a’ dol tarsainn an rathad. Is ann airson sin a tha e cho cudromach gun teagasg sinn dha clann a bhith air-leth faiceallach.

Ann an Iomairt Sàbhailteachd Rathaid Bi Sàbhailte! aig Siogaidh tha tòrr ghnìomhachd, sgeulachdan, gheamanan agus bhideothan a chuidicheas tu agus do leanabh le bhith a’ dèanamh ullachadh mu bhith a’ dol tarsainn an rathad gu sàbhailte. Dèan sgrùdadh orra còmhla agus ann an ùine ghoirid bidh e agaibh air ur teangan. Seo an stiùireadh aig Siogaidh gus a bhith a’ sealltainn dha clann mar a thèid iad tarsainn an rathad gu sàbhailte...

Grèim air làmhan


Le bhith a’ cumail grèim air làmhan nì seo cinnteach nach ruith clann air falbh agus gun urrainn dhaibh a dhol tarsainn an rathad gu sàbhailte. Ma tha thu a’ putadh bugaidh, faodaidh thu toirt orra grèim a chumail air an sin an àite do làmh.

Lorg an àite as sàbhailte gus a dhol tarsainn


Theirig tarsainn an-còmhnaidh ann an àite far am faic thu an trafaic a’ tighinn fad chomhair bhon h-uile taobh. Ma bhios càraichean air am pàirceadh bi e duilich faicinn gu soilleir, agus mar sin na tèid tarsainn eadar na càraichean sin ach mura h-eil roghainn eile agad.

Is e na h-àiteachan as sàbhailte airson a dhol tarsainn an rathad:

  • Àite-coise Puthaid no Peileacan – put am putan agus feith gus an nochd am bodach uaine. Dh’ ionnsaich Siogaidh mu dheidhinn gach fear anns a’ chuairt-dànachd Zab-a-ding-a-wheeeeeeeeeeee aige
  • Tha àiteachan-coise Siobra air an comharrachadh le rabhadairean buidhe. Seas air a’ chabhsair gus nochdadh dha draibhearan gu bheil thu airson a dhol tarsainn, agus feith gus an stad an trafaic
  • Drochaidean-coise agus fo-shlighean – bidh na slighean-coiseachd sin a’ dol thairis agus fon rathad gus luchd-coiseachd agus an trafaic a chumail air falbh bho chèile
  • Eileanan trafaic – raointean coltach ri cabhsair eadar sreathan de rathaidean mòra no trang, gus an urrainn dhut a dhol tarsainn air aon shreath ma seach

Stad, coimhead is èist


Dh’ fhaodadh gu bheil iad sin coltach ri trì cheumannan sìmplidh, ach tha gach fear dhiubh deatamach:

  • Le bhith a’ stad bheir sin ùine dhut gus coimhead gu ceart
  • Bidh coimhead gad chuideachadh gus beàrn sàbhailte a lorg san trafaic
  • Le bhith ag èisteachd bheir sin cothrom dhut cardbaidean a tha faisg ach nach tàinig gud shealladh fhathast, a chluinntinn

A h-uile uair a thèid thu tarsainn an rathad, eadhon ged a thèid thu tarsainn aig àite-coiseachd, cuimhnich a bhith a stad, a’ coimhead agus ag èisteachd. Na tèid tarsainn ach nuair a tha thu dha-rìribh cinnteach gu bheil e sàbhailte.

Theirig tarsainn an rathad gu dìreach, chan ann uair sam bith gu trasdanach


Ma thèid thu tarsainn an rathad gu trasdanach tha thu ann an slighe an trafaic airson ùine nas fhaide. Mar sin tha e nas sàbhailte a dhol tarsainn gu dìreach bho aon thaobh gu taobh eile.

Nach toir thu sùil air na bhideothan sin leis an leanabh agad gus an cuideachadh a bhith a’ tuigse carson a tha e cho cudromach a bhith dol tarsainn an rathad gu sàbhailte?

Ceanglaichean:

Ciùird-cabhsair
Saor-chluiche
A’ stad agus a’ feitheamh
Àite-coiseachd Puthaid