Background

Leabhraichean beaga airson na dachaigh

Leabhraichean beaga airson na dachaigh

Is e prìomh phàirt den mhodh-obrach tràth bhliadhnaichean a bhith a’ toirt seachad na leabhraichean beaga aig Siogaidh airson an cleachdadh san dachaigh. Tha sinn an dòchas gun tèid pàrantan/luchd-cùraim an sàs ann an turas ionnsachaidh an cuid cloinne le Siogaidh, agus gum faigh iad tlachd bho na sgeulachdan agus a’ ghnìomhachd aig an taigh. Chan eil e uair sam bith ro thràth dha leanabh a bhith a’ cleachdadh dhòighean math sàbhailteachd rathaid a mhaireas leotha fad am beatha, agus mar sin tha e cudromach gum bi inbhich a’ nochdadh deagh eisimpleirean ann am fìor shuidheachaidhean beatha.

Tha sia leabhraichean ann gu lèir, a bheir leanabh bho aois 3 gu bun-sgoil 1. Anns an dà bhliadhna ro-sgoile, gheibh a’ chlann an-toiseach còig leabhraichean, agus a’ leantainn air an sin an leabhar mu dheireadh nuair a ghluaiseas iad gu bun-sgoil 1. Aig ìre ro-sgoile, thèid na leabhraichean a thoirt dhan chloinn airson an toirt dhachaigh aig an àm as iomchaidh, mar eisimpleir às deidh an sgeulachd a bhith air a leughadh anns a’ chlas. Tha an leabhar bun-sgoil 1, 'Siogaidh agus Magaidh a’ tòiseachadh san sgoil' mar phàirt den Phasgan Teaghlaich Bookbug Bun-sgoil 1 aig Urras Leabhraichean na h-Alba.

Bliadhna thùsail ro-sgoile (aois 3-4)
Siogaidh agus an Loilidh
Siogaidh A’ Tadhal air Granaidh
Saor-làithean Grianach Shiogaidh

Bliadhna ro-sgoile (aois 4-5)
An Dùrachd Shamhna aig Siogaidh
Siogaidh a’ Dol Sab-a-Diong-a-Uììì

Bun-sgoil 1 (aois 5-6)
Siogaidh agus Magaidh a’ Tòiseachadh san Sgoil

Aig deireadh an Lùnastal agus a’ Ghearran, cuiridh Ionad Cuairteachaidh Foghlam Alba foirm òrdachaidh a-mach chun roinn foghlaim ro-sgoile. Bho thoiseach na bliadhna sgoile ùra 2013/14, bidh an leabhar bun-sgoil 1 ‘Siogaidh agus Magaidh a’ tòiseachadh san sgoil’ mar phàirt den Phasgan Teaghlaich Bookbug Bun-sgoil 1 ùr aig Urras Leabhraichean na h-Alba.

San Lùnastal, bidh e comasach do luchd-obrach sgoil-àraich na leabhraichean beaga airson na dachaigh a leanas òrdachadh:

  • Bliadhna thùsail ro-sgoile – Siogaidh agus an Loilidh
  • Bliadhna thùsail ro-sgoile – Siogaidh A’ Tadhal air Granaidh
  • Bliadhna ro-sgoile – An Dùrachd Shamhna aig Siogaidh

Sa Ghearran, bidh e comasach do luchd-obrach sgoil-àraich na leabhraichean beaga airson na dachaigh a leanas òrdachadh:

  • Bliadhna thùsail ro-sgoile – Saor-làithean Grianach Shiogaidh
  • Bliadhna ro-sgoile – Siogaidh a’ Dol Sab-a-Diong-a-Uììì

Bithear a’ cuairteachadh na pasgain bun-sgoil 1 gu ùghdarrasan ionadail timcheall air deireadh an t-Sultain. Bithear a’ brosnachadh sgoiltean gus a bhith a’ toirt seachad nam pasgain tro Sheachdain Leabhraichean na h-Alba (Dil 24 - Did 30 Samh 2014), ach is dòcha gun toir cuid dhiubh iad seachad nas tràithe na sin.

Co-obrachadh inntinneach


Tha Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba moiteil a bhith ann an com-pàirt ri Urras Leabhraichean na h-Alba gus faighinn chun h-uile pàisde agus an cuid phàrantan/luchd-cùraim ann an Alba tro bhith a’ faighinn an leabhar bugaidh sònraichte, 'Anns a’ bhlàr a-muigh', anns a’ Bhaga Pàisde Bookbug.

Tha an com-pàirteachas seo cuideachd gu bhith a‘ toirt a-steach an leabhar bun-sgoil 1 'Siogaidh agus Magaidh a’ Tòiseachadh san Sgoil' anns a’ Phasgan Teaghlaich Bookbug Bun-sgoil 1, a thathas a’ cuairteachadh chun h-uile bun-sgoil às deidh na sgoiltean a dhol air ais aig toiseach na bliadhna sgoile ùr.