Background

Mar a chumar clann sàbhailte nuair a bhithear a’ coiseachd faisg air rathaidean

Mar a chumar clann sàbhailte nuair a bhithear a’ coiseachd faisg air rathaidean

Leigeil le clann a bhith nan clann


Bu chòir gum biodh cuairtean-dànachd mar phàirt de leanabachd air fad. Ach mura h-eil seo air fhighe a-steach ri sàbhailteachd rathaid cùramach, faodaidh rudan fàs cunnartach gu math sgiobalta. Chan urrainn dha clann measadh a dhèanamh air cunnartan neo-fhaicsinneach gus am bi iad timcheall air 8 bliadhna a dh’ aois, mar sin tha e cudromach gun ionnsaich sinn dhaibh na cunnartan air am feum iad a bhith mothachail.

Toiseach-tòiseachaidh


Is e a bhith a’ bruidhinn ri clann mu na rudan a dh’ fhaodadh iad fhaicinn nuair a tha iad sa bhlàr a-muigh dòigh mhath air tòiseachadh gan teagasg a thaobh sàbhailteachd rathaid.

Dh’ fhaodadh tu feuchainn ri geamannan a dhèanamh suas timcheall air a bhith ag aithneachadh charbaidean eadar-dhealaichte, dhathan chàraichean, shoidhnichean rathaid agus sheòrsaichean àite-coise. Bheir seo togail sgiobalta do dh’ eòlas is tuigse na cloinne. Ann an Iomairt Sàbhailteachd Rathaid Siogaidh tha tòrr de bheachdan math a chuidicheas tu gus tòiseachadh.

Anns a’ bhlàr a-muigh


Ann am faisg air trì-chairteal de thubaistean rathaid anns a bheil clann air am marbhadh no air an droch leòn, is e neach-coiseachd a tha san leanabh. Mar sin nuair a tha thu sa bhlàr a-muigh, tha e cudromach gu seall thu dhan chloinn gu feum iad a bhith air-leth faiceallach. Is urrainn dhut sin a dhèanamh ann an trì dòighean sìmplidh:

Thoir stiùireadh tro eisimpleir

Is e toirt seachad deagh eisimpleir aon de na rudan as cudromaiche as urrainn dhut a dhèanamh mar phàrant. Is toil le clann a bhith a’ dèanamh mar a chì iad inbhich a’ dèanamh agus leanaidh iad an eisimpleir agad a thaobh sàbhailteachd rathaid cuideachd. Ma chì iad gu bheil thu mì-chùramach, bidh iad den bheachd gu bheil sin ceart gu leòr dhaibhsan cuideachd. Mar sin daingnich dhaibh a’ bheachd gum bi sinn a’ feitheamh mus tèid sinn tarsainn an rathad – a’ toirt beagan ùine gus an t-suidheachadh a mheasadh gu ceart: a’ stad, a’ coimhead, ag èisteachd agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil an rathad gu tur saor bho thrafaic mus tèid sinn tarsainn.

Cum grèim air làmhan

Uair sam bith a bhios tu a’ coiseachd faisg air trafaic no a’ dol tarsainn an rathad le clann òga, cum grèim air an làmh aca agus dèan cinnteach gum bi iad a’ coiseachd air taobh a-staigh a’ chabhsair, air falbh bho thrafaic ghluasadach. Mar sin bidh iad a’ faireachdainn gu bheil iad air an dìon agus air an cumail sàbhailte. Ma tha thu a’ putadh pram no carbad-leanaibh, faodaidh tu toirt orra grèim a chumail air an sin an àite do làmh.

 

Bi furachail

 

Uair sam bith a tha thu faisg air trafaic tha e cudromach gum bi thu furachail an-còmhnaidh. Gu sònraichte nuair a tha thu a’ dol tarsainn an rathad. Na tèid tarsainn an rathad uair sam bith nuair a tha thu a’ cleachdadh fòn-làimhe; feumaidh an rathad do làn aire. Ma tha thu a’ coiseachd ann an àite far nach eil cabhsair, coisich ri taobh an rathad a tha ri aghaidh an trafaic gus am faic thu dè tha a’ tighinn. Leigidh seo dhut ceum a thoirt far an rathad gus càraichean a leigeil seachad. Dh’ ionnsaich Siogaidh mu dheidhinn seo nuair a chaidh e a thadhal air Granaidh. Carson nach leugh sibh an sgeulachd còmhla?

Carson nach fheuch sibh cuid de gheamannan no ghnìomhachd cluiche Siogaidh gus a’ chlann a chuideachadh le bhith ag ullachadh airson sàbhailteachd rathaid?