Background

A’ cumail clann sàbhailte is le cur-seachadan anns a’ chàr

A’ cumail clann sàbhailte is le cur-seachadan anns a’ chàr

Ma bha thu a-riamh ann an tubaist leis a’ chàr, bidh fios agad gu bheil eadhon bualadh socair a’ faireachdainn mar bhuille mòr. A-nis smaoinich air a bhith nad leanabh. Bidh tubaist gu h-obann a’ faireachdainn dà uair nas miosa … agus dh’fhaodadh sin a’ bhuaidh a dhùblachadh.

Tha a’ bhuaidh a bhios aig tubaist air leanabh air nach eil crios-sàbhalaidh ceart eagalach. Agus eadhon ged nach bi thu ann an tubaist, dh’ fhaodadh càin a chuir ort ma gheibhear a-mach gu bheil leanabh fo aois 14 sa chàr agad nach robh air a cheangal a-steach le crios-sàbhalaidh cloinne ceart. Mar sin, seall dha clann mar a bhios iad sàbhailte sa chàr a h-uile uair a bhios iad a’ siubhal.

Nach dèan sibh ullachadh còmhla le bhith a’ cluich Geama Cliog Crios-sàbhalaidh Siogaidh?

Ach dè na riaghailtean a th’ ann a thaobh chriosan-sàbhalaidh? Tha an lagh ag ràdh:

  • Is e ciont a th’ ann a bhith a’ draibheadh le neach-siubhail fo aois 14 bliadhna nach eil a’ cleachdadh crios-sàbhalaidh no uidheam-bacaidh cloinne (suidheachan càr) san t-suidheachan aghaidh no cùil
  • Bu chòir dha leanabh crios-sàbhalaidh inbheach a chleachdadh nuair a ruigeas iad 135cm no an 12mh co-là-breith; ge bith dè a thig an-toiseach
  • Feumaidh a h-uile leanabh eile suidheachan càr/suidheachan brodaidh a chleachdadh a tha air a dhealbhadh airson an cuideam gnàthaichte (innsidh a’ bhileag air an t-suidheachan dhut dè a’ chuideam a tha iomchaidh)
  • Air busaichean agus coidsichean far a bheil criosan-sàbhalaidh stèidhichte, feumaidh luchd-siubhail a tha 14 bliadhna a dh’ aois no nas sine an cleachdadh. Thathas gu làidir a’ comhairleachadh an fheadhainn a tha fo-aois 14 an cleachdadh

A’ taghadh an t-suidheachan ceart


Bidh sàbhailteachd sa chàr a’ tòiseachadh le bhith a’ taghadh an t-suidheachan càr ceart: ma tha e ro mhòr no ro bheag cha dèan e an obair a bu chòir dha a dhèanamh. Is fhiach a ràdh nach bidh a h-uile suidheachan càr iomchaidh airson a h-uile càr. Ma leugh thu Saor-latha Grianach Siogaidh leis an leanabh agad bidh fios agad gu bheil an t-suidheachan càr sònraichte aca fhèin aig Anndra, Magaidh is Siogaidh. Gus faighinn a-mach dè an seòrsa uidheam-bacaidh càr a tha ceart airson do charbaid agus do leanaibh, tadhal air www.goodeggsafety.com.

Mus ceannaich thu fear:

  • Coimhead an-còmhnaidh airson a’ chomharra Dùthchannan Aonaichte ECE R44.04
  • Feuch an t-suidheachan car leanaibh anns a’ chàr agad mus ceannaich thu e, oir chan eil a h-uile suidheachan iomchaidh airson a h-uile càr
  • Thoir sùil air leabhran-làimhe a’ chàr agad a thaobh iomchaidheachd

Nuair a lorgas tu am fear as iomchaidh, carson nach fhaighnich thu dhan leanabh agad dè an dath no am pàtran a b’ fheàrr leotha? Cuidichidh seo iad gus a bhith a’ smaoineachadh air mar an t-suidheachan ‘aca fhèin’. Ma chòrdas e riutha, bidh iad nas dualtaich suidhe ann às aonais gearan!

A-rithist, leis gum bi clann a’dèanamh mar a chì iad inbhich a’ dèanamh, tha deagh eisimpleir deatamach. Ma bhriseas thusa an lagh, smaoinichidh iadsan gun urrainn dhaibh sin a dhèanamh cuideachd. Mar sn, cur ort do chrios-sàbhalaidh an-còmhnaidh, ge bith dè cho goirid sa bhios do thuras. Tha comhairle fìor-mhath anns an iomairt Clann anns a' Chàr mu bhith a’ draibheadh gu sàbhailte.