Is e tubaistean trafaic rathaid aon de na prìomh thachartasan a tha ag adhbhrachadh bàs thubaisteach do dh’ Albannaich òga. Is ann air sgàth sin ann an 2009, a shuidhich Frèam-obrach Sàbhailteachd Rathaid gu 2020 aig Riaghaltas na h-Alba targaidean mòr-inntinneach airson na rathaidean againn a dhèanamh nas sàbhailte. Tha na h-amasan sin a’ toirt a-steach gearradh an àireamh de chlann a bhithear a’ marbhadh gu co-dhiù 50% agus a’ lughdachadh an ìre de dhroch leòn aig ìre còrr air 65%.
Bidh pàirt mòr aig teagasg ar cloinne a bhith a’ cleachdadh na rathaidean nas sàbhailte ann a bhith a’ coileanadh nan targaidean sin.
Tha sàbhailteachd rathaid mu dheidhinn barrachd na bhith a’ faighinn eòlas is tuigse; tha e mu bhith ag atharrachadh sheallaidhean is giùlain. Mas urrainn dhuinn seo a dhèanamh, sàbhalaidh sinn beathan. Chan ann dìreach an-dràsta, ach nas fhaide air adhart san àm ri teachd.
Tha seo cudromach seach:
Aig aois a-ceithir, tha eanchainn leanabh mu-thràth aig meud 90% de dh’ eanchainn inbheach. Tha seo a’ ciallachadh gur e na tràth bhliadhnaichean an àm as fheàrr gus tòiseachadh air sàbhailteachd rathaid ionnsachadh dha clann, oir is e seo an t-àm far a bheil an eanchainn a’ fas nas luaithe agus far an ionnsaich iad rudan nas fhasa. Leanaidh na sgilean a leasaicheas clann a-nis riutha gu bràth, agus mar sin bidh brosnachadh deagh chleachdaidhean na phàirt mhòr ann a bhith gan cumail sàbhailte airson an còrr dem beatha.
Tha Iomairt Sàbhailteachd Rathaid Bi Sàbhailte! Siogaidh a’ toirt a-steach tòrr dhòighean spòrsail gus clann a theagasg mu bhith gan cumail fhèin sàbhailte. Le bhith a’ roinneadh nan sgeulachdan, nan geamannan, na bhideothan agus a’ ghnìomhachd, bidh sàbhailteachd rathaid a dh’ aithghearr gu math nàdurrach dhaibh. Agus na dì-chuimhnichibh a bhith a’ dèanamh ullachadh còmhla nuair a bhios sibh sa bhlàr a-muigh.
Mar sin tòisichibh agus bithibh deiseil gus a dhol Sàbhailte le Siogaidh!