Background

Comhairle do phàrantan mu shàbhailteachd rathaid

Comhairle do phàrantan mu shàbhailteachd rathaid

Is dòcha gum bithear a’ smaoineachadh gu bheil e rudeigin eagallach a bhith a’ teagasg sàbhailteachd rathaid, ach na gabhaibh dragh, chan eil. Is dòcha gu bheil sibh a’ dèanamh mòran de na rudan ceart mu-thràth…

Bi sàbhailt air an rathad


Is e toirt seachad deagh eisimpleir aon de na rudan as cudromaiche as urrainn dhut a dhèanamh. Tha fios againn uile gum bi clann a’ dèanamh mar a chì iad inbhich a’ dèanamh … agus chan eil sàbhailteachd rathaid eadar-dhealaichte idir. Tha a h-uile coltas gum bi an eisimpleir a bheir thu seachad an-dràsta gu bhith a’ toirt cumadh air an t-seòrsa luchd-cleachdaidh rathaid a bhios anns a’ chlann agad nuair a dh’ fhàsas iad suas.

Thoir an toiseach-tòiseachaidh as fheàrr a tha comasach don leanabh agad air an turas sàbhailteachd rathaid aca le bhith a’ dèanamh cinnteach mus tèid iad tarsainn an rathad gu feum iad FEITHEAMH. Bidh a’ cur an cuimhne leanabh òg ùine a ghabhail gus FEITHEAMH a’ daingneachadh a’ bheachd gu bheil rathaidean cunnartach. Feumaidh tu an uairsin sealltainn dhaibh mar a bhios tu:


A’ STAD, A’ COIMHEAD AGUS AG ÈISTEACHD a h-uile uair a thèid thu tarsainn an rathad

Thoir an aire nuair a bhios tu a’ coiseachd faisg air trafaic

Bi a’ siubhal gu sàbhailte ann an carbaid

Dèan ullachadh air deagh chleachdaidhean eadhon nuair nach eil do leanabh còmhla riut. Chan e a-mhàin gun cum seo thu sàbhailte, bidh e cuideachd nas fhasa dhut a bhith a’ dèanamh an rud ceart an-còmhnaidh air beulaibh do leanaibh beag.

Bruidhinn mu dheidhinn trafaic


Is e a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn na rudan eadar-dhealaichte a chì thu nuair a bhios tu air a’ bhlàr a-muigh dòigh mhath air tòiseachadh air do chlann a theagasg a thaobh trafaic. Dèan e spòrsail le bhith a’ cluich cuid de na geamannan agus a’ ghnìomhachd sàbhailteachd rathaid aig Siogaidh.

Cum e inntinneach le bhith a’ bruidhinn a thaobh:

Leig leothasan a bhith gad theagasg


Ma tha do leanabh ag ionnsachadh mu shàbhailteachd rathaid san sgoil no san sgoil-àraich, iarr orra innse dhut mu dheidhinn. Chan e a-mhàin gun toir seo orra smaoineachadh mu dheidhinn, innsidh sin dhut dè na tha iad air a dhèanamh gus an dèan thu ullachadh air aig an taigh.

Cuimhnich, is urrainn dhut an cuideachadh le bhith dèanamh ullachadh mun t-eòlas aca air sàbhailteachd rathaid ann an àite sam bith: anns a’ chàr, a’ coiseachd sìos na sràide no eadhon aig an taigh … chan eil agad ach beagan mac-meanmna a chleachdadh!