Background

Poileasaidh Dìomhaireachd

Achd Dìon Dàta

Thèid dàta pearsanta sam bith a thèid a thional tron làrach-lìn seo a làmhseachadh ann an dìomhaireachd a rèir phrionnsapalan na h-Achd Dìon Dàta 1998. Tha dleastanas laghail oirnn fiosrachadh sam bith a thionalas sinn bhuaibh a dhìon. Bidh sinn a’ cleachdadh teicneòlasan ùra gus do dhàta a dhìon, agus a’ cumail inbhean làn thèarainte gus casg a chuir air a bhith a’ faighinn thuige às aonais cead. Cha bhi sinn a’ cur air adhart an fhiosrachaidh agad gu treas phàrtaidhean no roinn riaghaltais sam bith mura toir thu cead chuinn sin a dhèanamh.

Tional agus Cleachdadh Fiosrachadh Pearsanta

Bidh sinn a’ tional aon sheòrsa de dh’ fhiosrachadh bho luchd-tadhail air an làrach seo: Fiosrachadh cleachdaidh làraich bho bhriosgaidean seisein agus faidhlichean clàraidh.

Anailis air briosgaidean agus trafaic làrach-lìn

Nuair a bhios luchd-cleachdaidh a’ dol a-steach do làrach-lìn www.gosafewithziggy.com bithear a’ cur briosgaidean do na coimpiutairean aca gu fèin-ghluasadach. Is e faidhlichean teacs a th’ ann am briosgaidean a tha ag aithneachadh choimpiutairean luchd-cleachdaidh do sheirbheisiche Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba. Bidh an làrach-lìn an uairsin a’ cruthachadh briosgaidean “seisean” gus cuid de roghainnean luchd-cleachdaidh a tha a’ gluasad timcheall an làraich-lìn a stòradh m.e.a’ glèidheadh roghainn teacs a-mhàin. Leotha fhèin cha bhith briosgaidean ag athneachadh luchd-cleachdaidh fa-leth ach dìreach ag aithneachadh a’ choimpiutair a-mhàin a chaidh a chleachdadh agus thèid cuir às dhiubh nuair a dh’ fhàgas an neach-cleachdaidh an làrach-lìn.

Bidh mòran làraich-lìn a’ dèanamh seo gus sùil a chumail air sruthadh trafaic, uair sam bith a bhios luchd-cleachdaidh a’ tadhal air na làraich-lìn sin.

Bidh an làrach-lìn www.gosafewithziggy.com a’ cleachdadh bhriosgaidean gus a bhith a’ tomhas ìre cleachdaidh an làrach-lìn a’ toirt a-steach àireamh luchd-tadhail, dè cho tric sa thathas a’ coimhead air na duilleagan, agus baile-mòr is dùthaich tùsail luchd-cleachdaidh. Bidh seo na chuideachadh gus faighinn a-mach dè a tha tarraingeach agus dè as urrainn buaidh a thoirt na tha air an làrach agus air leasachadh san àm ri teachd.

Bidh am fiosrachadh a tha Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba a’ tional a’ toirt a-steach seòladh IP, na duilleagan air an deach tadhal, an seòrsa criomadh agus an t-siostam gnìomh. Cha tèid an dàta a chleachdadh gus neach-cleachdaidh sam bith aithneachadh gu pearsanta.

Tha cothrom aig luchd-cleachdaidh na coimpiutairean aca a shuidheachadh airson gabhail ris a h-uile briosgaid, airson innse dhaibh nuair a thèid briosgaid a chleachdadh, no gun gabhail ri briosgaid sam bith aig àm sam bith. Tha am fear mu dheireadh dhen sin a’ ciallachadh nach bi e comasach don neach-cleachdaidh sin cuid de sheirbheisean pearsanta fhaighinn.

Faidhlichean clàraidh

Bidh faidhlichean clàraidh a tha air an stòradh air seirbheisiche lìn Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba a’ ceadachadh clàradh is anailis de ìre cleachdaidh luchd-cleachdaidh an làraich-lìn. Cha bhith fiosrachadh pearsanta sam bith air faidhlichean clàraidh.

Eadar-mheadhanairean Treas Phàrtaidh

Bidh sinn a’ cleachdadh cùmhantaiche taobh a-muigh gus ar stòr-dàta neach-cleachdaidh a riaghladh. Cha bhith a’ chompanaidh a’ cumail, a’ roinneadh no a’ cleachdadh fiosrachadh airson neach aithneachadh gu pearsanta airson adhbharan darnach sam bith.

Solaraichean Seirbheis

Bidh sinn ann an com-pàirt le treas phàrtaidhean eile gus seirbheisean sònraichte a sholarachadh. Mar eisimpleir leasachadh is aoigheachd stor-dàta. Nuair a chuireas neach-cleachdaidh ainm ris na seirbheisean sònraichte sin, bidh sinn a’ roinneadh ainmean, no fiosrachadh taic eile leis na solaraichean treas phàrtaidh gus am bi e comasach dhan treas phàrtaidh na seirbheisean sin a lìbhrigeadh. Chan eil e ceadaichte dha na treas phàrtaidhean sin fiosrachadh airson neach aithneachadh gu pearsanta a chleachdadh ach a-mhàin airson adhbharan solarachaidh nan seirbheisean sin.

Bidh sinn an-còmhnaidh ag innse do luchd-cleachdaidh ar làraich nuair a bhios am fiosrachadh aca ga thional airson phàrtaidhean taobh a-muigh sam bith. Bidh sinn a’ dèanamh seo gus an urrainn dha ar luchd-cleachdaidh roghainn fiosraichte a dhèanamh am bu chòir no nach bu chòir dhaibh gluasad le seirbheisean a bhios a’ toirt a-steach pàrtaidh bhon taobh a-muigh.

Ceanglaichean

Air an làrach-lìn seo tha ceanglaichean gu làraich-lìn eile. Feuch am bi sibh mothachail nach eil uallach oirnne, Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba, airson na cleachdaidhean dìomhaireachd a tha aig làraich eile den leithid sin. Bidh sinn a’ brosnachadh ar luchd-cleachdaidh a bhith mothachail nuair a dh’ fhàgas iad an làrach againn agus a bhith a’ leughadh aithrisean dìomhaireachd gach làrach-lìn a bhios a’ tional fiosrachaidh airson neach aithneachadh gu pearsanta. Tha an aithris dìomhaireachd seo a’ buntainn a-mhàin ri fiosrachadh a bhithear a’ tional air an làrach-lìn seo.

Luchd-cleachdaidh fo aois 18

Ma tha thu fo aois 18, feuch an dèan thu cinnteach gum faigh thu cead bho do phàrant/neach-cùraim ro-làimh uair sam bith a bhios tu a’ toirt seachad fiosrachadh pearsanta don làrach-lìn. Chan eil e ceadaichte do luchd-cleachdaidh às aonais a’ chead sin fiosrachadh pearsanta a thoirt dhuinn.

Fios mu h-atharrachaidhean

Ma thig sinn gu co-dhùnadh ar poileasaidh dìomhaireachd atharrachadh, cuiridh sinn na h-atharrachaidhean sin an cois na h-aithris dhìomhaireachd seo, agus àiteachan eile a bhios iomchaidh dhuinn gus am bi ar luchd-cleachdaidh an-còmhnaidh mothachail air dè am fiosrachadh a bhios sinn a’ tional, ciamar a bhios sinn ga chleachdadh, agus dè an suidheachadh anns am bi sinn ga thoirt seachad, ma bhios idir. Ma tha sinn, ge-tà, a’ dol a chleachdadh fiosrachadh bhon tèid neach aithneachadh gu pearsanta ann am modh a tha eadar-dhealaichte bho na chaidh ainmeachadh aig àm tional an fhiosrachaidh cuiridh sinn fios gu luchd-cleachdaidh air post-d no le bhith a’ cur fios air an làrach-lìn againn airson 30 latha.

A’ cur fios thugainn

Ma tha ceistean no beachdan sam bith aig luchd-cleachdaidh a thaobh ar poileasaidh dìomhaireachd, feuch an cuir sibh fios thugainn.