Background

Cumhaichean cleachdaidh

Bi Sàbhailte! Is e seirbheis a th’ ann an Iomairt Sàbhailteachd Rathaid Siogaidh a tha air a sholarachadh le Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba.

Tha na cumhachan agus na cùmhnantan cleachdaidh sin a’ comharrachadh aonta eadar thusa agus Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba. Innsidh iad dhut mu na còraichean agus na h-uallachaidhean agad ann a bhith a’ cleachdadh an làrach-lìn seo. Le bhith a’ cleachdadh an làrach-lìn tha thu ag aontachadh gun gabh thu ris na cumhaichean cleachdaidh sin.

Faodaidh na cumhaichean agus na cùmhnantan cleachdaidh atharrachadh bho àm gu àm. Le bhith a’ dèanamh lèirmheas air na duilleagan sin bidh thu cinnteach gum bi thu an-còmhnaidh a’ cumail suas ri gluasadan. Nì sin cinnteach cuideachd gu bheil thu an-còmhnaidh mothachail air an seòrsa fiosrachaidh a bhios sinn a’ tional, mar a bhios sinn ga chleachdadh agus dè an suidheachadh, ma bhios idir, anns am bi sinn ga roinneadh le pàrtaidhean eile.

Feuch an cuir thu fios thugainn ma tha ceistean sam bith agad mu na cumhaichean is na cùmhnantan cleachdaidh sin.

Àicheadh

Tha Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gu bheil an fhiosrachadh a tha air fhoillseachadh air an làrach-lìn aca cho ùr is cho ceart sa ghabhas dèanamh. Ach, chan eil an fhiosrachadh air an làrach-lìn aca mar chomhairle laghail no phroifeasanta agus cha bu chòir gabhail ris an àite comhairle phroifeasanta a gheibhear bho eòlaiche ionnsaichte. Chan urrainn dha Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba uallach a ghabhail airson gnìomhachd a dh’ èireas bho bhith ga chleachdadh.

Chan urrainn Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba a bhith fo uallach airson na tha air duilleag sam bith a tha clàraichte bho cheangal taobh a-muigh. Ma chleachdas tu làrach eile le ceangal bhon làrach seo feumaidh tu a’ chunnart sin aithneachadh agus gabhail ris nach bi thu tuilleadh an urra ri cumhaichean is cùmhnantan an làraich seo ach gum faodadh gum bi thu an urra ri cumhaichean is cùmhnantan an làraich cheangailte.

Tha uallach ort dèanamh cinnteach gu bheil an t-siostam coimpiutaireachd agad a rèir na gnèithean teignigeach iomchaidh a tha deatamach airson an làraich a chleachdadh agus gu bheil sin co-chòrdail ris an làraich. Tha thu cuideachd a’ tuigsinn nach urrainn dhuinn agus nach bi sinn a’ dearbhadh no a’ barantachadh gum bi stuth sam bith a tha ri fhaighinn airson a luchdachadh sìos bhon làrach saor bho ghalair, bho bhìorasan agus/no còd sam bith a bhiodh comasach air truailleadh no sgrios a dhèanamh. Tha uallach ort ceumannan agus sgrùdaidhean bhìoras iomchaidh a chuir an gnìomh (nam measg sgrùdaidhean ana-bhìoras is tèarainteachd eile) gus ar riatanasan sònraichte a thaobh cinnt dàta a-steach agus a-mach a shàsachadh.

Bidh na cumhaichean is cùmhnantan cleachdaidh sin fo smachd Lagh na h-Alba agus uachdaranas Chùirtean na h-Alba.

Dlighe-sgrìobhaidh

Tha Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba a’ glèidheadh chòraichean iomlan a thaobh stòras innteachail, a’ toirt a-steach dlighe-sgrìobhaidh agus comharran-malairt air làrach-lìn Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba. Faodaidh tu aon leth-bhreac de dhuilleag sam bith bhon làrach-lìn againn a chlò-bhualadh airson a chleachdadh gu pearsanta agus airson adhbharan neo-mhalairteach ach a bharrachd air an sin chan fhaod thu stuthan sam bith bhon làrach-lìn ann an cruth sam bith a chlò-bhualadh às aonais cead sgrìobhte ro-làimh.

Atharrachadh air solarachaidh

Bidh Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba a’ glèidheadh còir atharrachaidh, dàil no stad air cùis sam bith den làrach seo no na seirbheisean a tha air a sholarachadh troimhe, a’ toirt a-steach do chothrom faighinn a-steach ann. Mura tèid innse gu sònraichte bidh feartan ùra sam bith air an làrach an urra ris na cumhaichean is na cùmhnantan sin.

Dìomhaireachd

The gealltanas làidir againn a bhith a’ dìon do dhìomhaireachd. Feuch an dèan thu lèirmheas air ar Poileasaidh Dìomhaireachd agus tha na cumhachan sin air an toirt a-steach, agus rim beachdachadh mar phàirt de, na cumhachan cleachdaidh sin.