Background

Latha spòrsail aig Ziggy

Tha Ziggy air ais le tuilleadh ionnsachadh cruthachail sàbhailteachd rathaid a bheir tlachd dha clann. An turas seo bu mhath leis do chlas a chuideachadh le bhith a’ sgrìobhadh sgeulachd sàbhailteachd rathaid a’ cleachdadh an cruthadair sgeulachd iongantach aige

Aon uair ‘s gu bheil thu air crìoch a chuir air an sgeulachd agad, gheibh an clas agad pasgan ‘Mo thuras le Ziggy’ agus na chois dèideag bog Ziggy. Is e a’ bheachd an uairsin gun gabh gach leanabh cothrom ma seach air coimhead às deidh Ziggy aig an taigh agus an cuid eòlas air sàbhailteachd rathaid Zab-a-ding-a-doo a chuir an gnìomh.

Tòisich le 5 ceumannan sìmplidh:

Ionnsaich mu shàbhailteachd rathaid anns an t-seòmar-teagaisg

 

Thoir an clas agad a-mach airson cuairt – goirid no fada, cha dèan e diofar

 

Lìon a-mach cruthadair sgeulachd iongantach Ziggy

 

Fuirich gus am faigh thu pasgan ‘Mo thuras le Ziggy’

 

Cuir sgeulachdan ùra ris leis an dèideag ùr Ziggy mar rionnag ann